Published Date:
Thathar a’ brosnachadh muinntir Ìle gu bhith ‘gabhail cùram den eilean aca’ gus bòidhchead an eilein a ghleidheadh.
Tha ìrean ath-chuartachaidh a’ dol an àirde ann an Ìle, agus anns a’chòrr de dh’Earra-Ghàidheal is Bòd.
Thathar a-nis ag iarraidh air Ìlich cumail orra le sin – agus thathar ag iarraidh orra dèanamh cinnteach nach bi iad a’ fàgail sgudal thall ’s a bhos no a’ fàgail salchar bho na coin aca.
Thathar cuideachd a’ cur an cuimhne dhaoine gun urrainn don Chomhairle daoine a pheanasachadh mura sgioblaich iad salchar nan con aca no an sgudal aca.
Thuirt an Ceann-Poileasaidh airson Rathaidean is Ghoireasan, an Comhairliche Ruairidh MacCuthais: “Tha sinn fortanach gu bheil sinn a’ fuireach ann an aon de na sgìrean as brèagha a th’ ann an Alba.
“Tha Ìle mar sheud prìseil a chuireas ri bòidhchead na sgìre sin agus tha fios agam gu bheil a h-uile duine, muinntir an eilein agus luchd-tadhail, ag iarraidh nach tèid a’ bhòidhchead sin a mhilleadh.
“Tha sinn ag iarraidh air daoine cuideachadh leis na h-oidhirpean a tha gan dèanamh gus ìrean ath-chuartachaidh a chur suas. Faodaidh iad sin a dhèanamh le bhith a’ dèanamh cinnteach gun ath-chuartaich iad a h-uile rud a ghabhas ath-chuartachadh, agus le bhith a’ cur sgudal nach gabh ath-chuartachadh don àite cheart.
“B’ fheàrr leinn gu mòr nan cuireadh daoine sgudal don àite cheart gus nach fheum sinn càin a chur orra airson a bhith a’ fàgail sgudal thall ’s a bhos no airson luchd mòr sgudail fhàgail ann an àite mì-laghail.
“’S urrainn dhuinn, ge-tà, daoine a pheanasachadh, ma dh’fheumas sinn, agus nì sinn sin.
“Tha an aon rud fìor mu bhith a’ fàgail salchar chon – chan e a-mhàin nach gabhar idir ris, ach tha e cuideachd mì-laghail.”
Tha 13 luchd-faire àrainneachd aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a bhios a’ tadhal air sgìrean; agus chaidh ceathrar aca fhastadh na bu tràithe am bliadhna nuair a thug a’ Chomhairle seachad maoineachadh gus taic a thoirt don obair gus stad a chur air daoine bho bhith a’ fàgail sgudal agus salchar chon. Tha bhanaichean aca le camarathan CCTV orra.
Bidh iad cuideachd a’ dol a-mach còmhla ris a’ phoileas nuair a ghabhas sin dèanamh.
Thathar a’ brosnachadh dhaoine gu bhith a’ leigeil fios dhuinn ma chì iad daoine nach eil a’ togail salchar nan con aca. Faodaidh iad sin a dhèanamh le bhith a’ toirt fiosrachadh dhuinn, nuair a ghabhas sin dèanamh, air rudan mar: cò an duine aig a bheil an cù, dè an seòrsa coin a th’ ann agus beachd air cuin agus càit am bi an duine a’ dol air chuairt leis a’ chù aca.
Faodaidh sibh sin a dhèanamh le bhith fònadh thugainn air 01546 605514. Ma gheibh sinn fiosrachadh mar seo, faodaidh ar luchd-faire cuairtean a ghabhail san sgìre far a bheil e a’ tachairt.
Ma chithear duine a’ fàgail salchar chon no a’ fàgail sgudal, thèid càin luach £80 a chur orra, agus èiridh sin gu £100 mura tèid a pàigheadh taobh a-staigh 28 latha.
Ma dh’fhàgas daoine luchd mòr sgudail ann an àiteachan mì-laghail, thèid càin stèidhichte de £200 a chur orra. Mura pàigh iad i, dh’fhaodadh gun tèid càin eile luach suas ri £200 a chur orra ma thèid cùis lagha a thogail nan aghaidh.
Tha reachdas nàiseanta a’ stèidheachadh chàintean air feadh Alba airson a bhith fàgail luchd mòr sgudail agus tha a’ Chomhairle ag obair a rèir an reachdais sin. Tha e na dhleastanas oirnn rannsachadh a dhèanamh air fios a gheibh sinn bho dhaoine agus gabhaidh sinn na ceumannan freagarrach gus dèiligeadh ri daoine a dh’fhàgas sgudal.
Ma tha daoine à Ìle no àiteachan eile ann an Earra-Ghàidheal is Bòd ag iarraidh innse dhuinn mu sgudal no salchar chon a tha daoine air fhàgail, faodaidh iad sin a dhèanamh tro làrach-lìn na Comhairle aig www.argyll-bute.gov.uk fo sgudal is ath-chuartachadh.
Chì sibh cuideachd far a bheil an t-ionad ath-chuartachaidh ionadail agaibh, na h-uairean fosglaidh aca agus dè dh’fhaodas sibh a thoirt ann.
For the English translation visit: https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/aug/keeping-islay-idyllic