Published Date:
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ cur meal-a-naidheachd air Còmhlan Pìoba Sgìre Inbhir Aora às dèidh dhaibh Farpais Chòmhlan Pìoba na Cruinne a bhuannachadh ann an 2017.
Rinn an còmhlan an gnothach air 23 còmhlain pìoba eile bho 7 dùthchannan a bha a’ farpais gu cruaidh san fharpais airson Ìre a h-Aon aig an tachartas iomraiteach seo, a chaidh a chumail air beulaibh còrr is 35,000 neach air Rèidhlean Ghlaschu thairis air dà latha.
Cuideachd aig na farpaisean airson còmhlain pìoba, ghlèidh Còmhlan Òigridh B bho Àrd-sgoil an Òbain an duais Sàr Chòmhlan Thar Chàich às dèidh dhaibh an dàrna àite san fharpais acasan a ghleidheadh, thoradh bha iad air an Duais Albannach agus an Duais Eòrpach a chosnadh mu thràth airson na h-ìre acasan, agus seo dìreach an dàrna bliadhna aca a’ farpais.
Thuirt an Comhairliche Len Scoullar, Pròbhaist Earra-Ghàidheal is Bhòid:
“Tha e na thoileachas mòr dhuinn meal-a-naidheachd a chur air Còmhla Pìoba Sgìre Inbhir Aora às dèidh dhaibh an tiotal An Còmhlan Pìoba as Fheàrr air an t-Saoghal a ghleidheadh. Abair moladh air na sgilean aca gun tug iad bàrr air càch ann an farpais fìor chruaidh airson na duaise an Còmhlan Pìoba as Fheàrr.
“Rinn sgoilearan Àrd-sgoil an Òbain fìor mhath cuideachd agus tha e cuideachd a’ toirt toileachas mòr dhuinn aithne a thoirt do mar a shoirbhich do Chòmhlan Òigridh B bhon sgoil.
“Tha sinn cuideachd a’ cur meal-a-naidheachd air na còmhlain pìoba eile bho sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid a ghabh pàirt san fharpais chliùitich seo aig diofar ìrean. Tha sinn a’ dèanamh fiughair ri farpais na h-ath-bhliadhna mu thràth far a bheil sinn an dòchas gun soirbhich gu mòr leis na còmhlain againn.”
Ghabh còrr is 200 còmhlan pìoba bho 15 dùthchannan pàirt sna farpaisean am-bliadhna.
For the English translation visit: https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/aug/council-congratulates-world-pipe-band-champions