Saorsa Earra-Ghàidheal is Bhòid don chluicheadair teanais Paraliompach Gòrdan Reid

exclamation icon
This page contains archived news material that may no longer be accurate. Please bear this in mind when referring to this page or using any information on it to access council services. Read our current news.

Published Date: 

21 Oct 2016 - 10:53

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air aontachadh coinneamh shònraichte a chumail gus aontachadh ri moladh Saorsa Earra-Ghàidheal is Bhòid a thoirt donchluicheadair teanas sèitheir-cuibhle Gòrdan Reid - a tha dìreach air tilleadh bho Geamannan Paraliompach Rio le bonn òir is airgid.

Thuirt Pròbhaist Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Len Scoullar:

“Tha Gòrdan air leth airidh air an urram seo. Tha a h-uile duine ann an Earra-Ghàidheal is Bòd gu math moiteil às na rinn e agus tha sinn gu math toilichte gun urrainn dhuinn aithne a thoirt do mar a shoirbhich leis gu h-iongantachsan dòigh seo.”

Aig coinneamh a chaidh a chumail o chionn ghoirid, dh’aontaich a’ Chomhairle gu h-aona-ghuthach ris a’ mholadh bho Chomataidh Sgìreil Bhaile Eilidh is Laomainn gum faigh Gòrdan an t-urram ri linn mar a tha e air soirbheachadh san spòrs aige aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Tha Gòrdan à Baile Eilidh agus chaidh e gu Acadamaidh Hermitage, agus tha e a-nis aig ìre a h-aon am measg chluicheadairean teanas sèitheir-cuibhle an t-saoghail. Bhuannaich e Farpais Fhosgailte Astràilia agus Wimbledon am-bliadhna cuideachd. Dh’fhosgail Gòrdan Ionad Poblach Bhaile Eilidh is Laomainn gu h-oifigeil sa Mhàrt am-bliadhna.

Cuiridh a’ Chomhairle cuirm shònraichte air dòigh gus an t-urram a bhuileachadh, tha aca ris a’ cheann-latha agus an uair airson sin a rèiteachadhfhathast.

Freedom of Argyll and Bute for Paralympic wheelchair tennis star Gordon Reid

Argyll and Bute Council has agreed to hold the special meeting necessary to approve a recommendation that wheelchair tennis player Gordon Reid - who has just returned from the Rio Paralympics with a gold and silver medal – be awarded the Freedom of Argyll and Bute.

Argyll and Bute Council’s Provost Len Scoullar, said:

“Gordon would be immensely deserving of this award. Everyone in Argyll and Bute is rightly proud of his achievements and we are extremely pleased that we are in a position to be able to recognise his wonderful success in this way.”

At its recent meeting, members of the council unanimously backed the recommendation by the Helensburgh and Lomond Area Committee that Gordon be awarded the accolade in recognition of his national and international success.

Gordon, from Helensburgh and a former Hermitage Academy pupil, has just taken over as the world’s number one wheelchair tennis player having also won the Australian Open and Wimbledon titles this year. In March this year Gordon officially opened the Helensburgh and Lomond Civic Centre.

The council will arrange a special ceremony at date and time to be confirmed.