Coimhearsnachdan à eileanan a’ cruinneachadh aig tachartas sònraichte

exclamation icon
This page contains archived news material that may no longer be accurate. Please bear this in mind when referring to this page or using any information on it to access council services. Read our current news.

Published Date: 

21 Oct 2016 - 10:50

Tha coimhearsnachdan à eileanan Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ dol a thighinn còmhla aig tachartas sònraichte far a bheil e na amas sàr dhòighean-obrach is cleachdaidhean a roinn le càch a chèileagus far am bithear a’ toirt sùil air na dòighean sa bheil buidhnean com-pàirteach agus coimhearsnachdan ag obair gus dèiligeadh ri cùisean a bheir buaidh air beatha nan eileanach.

Aig ‘Ceanglaichean nan Eilean’ - a thèid a chumail ann an Eilean Shaoil air Diardaoin, 20 Dàmhair - thèid bruidhinn air Bile nan Eilean a thathar a’ moladh, fàs eaconamach, còmhdhail is bun-structair, cùram-slàinte, taigheadas agus ceanglaichean didseatach.

Bidh luchd-labhairt ann bho bhuidhnean bho air feadh na roinne poblaiche agus bho bhuidhnean coimhearsnachd le fiosrachadh air poileasaidhean agus an obair a tha ga dhèanamh, buidhnean leithid Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus Urras Costa is Sgìrean Dùthchail Earra-Ghàidheal is nan Eilean.

Stèidhich a’ Chomhairle Buidheann-ghnìomha Eileanan Earra-Ghàidheal chan e a-mhàin gus coimhead air na dùbhlain a tha ro eileanaich ach cuideachd air na cothroman is buannachdan a gheibhear sna 23 eileanan san sgìre air a bheil daoine a’ fuireach –  agus feartan sònraichte fa leth aig gach eilean. Ach cuideachd, tha cùisean coitcheann ann a tha toirt buaidh air na daoine a tha a’ fuireach is ag obair sna h-eileanan agus a bhios a’ tadhal orra.

Thuirt Cathraiche na Buidhne, an Comhairliche Len Scoullar: “Chaidh a’ bhuidheann-ghnìomha seo a chur air chois gus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis na coimhearsnachdan sna h-eileanan againn agus gum mair iad.

“’S e Earra-Ghàidheal is Bòd aon de na sgìrean as gealltanaiche san dùthaich agus tha àite fìor chudromach aig na h-eileanan againn ann a bhith cur ri fàs eaconamach na sgìre. Tha na h-eileanan againn airidh air soirbheas agus fàs, agus le soirbheas bheir iad foghlam is cosnadh do ar n-òigridh, bheir iad taic do ghnothachasan is coimhearsnachdan a bhios a’ fàs agus gheibh na coimhearsnachdan sin buannachdan bho na goireasan is seirbheisean conaltraidh is còmhdhail a tha dhìth orra gus coimhearsnachdan a thogail air stèidh sheasmhach.

“Tha an tachartas seo a’ toirt cothrom sgoinneil do na daoine as motha aig a bheil eòlas air beatha nan eilean gus cruinneachadh leis an amas piseach a thoirt air cùisean. Tha a’ Chomhairle fìor thoilichte gun deach iarraidh oirnn a bhith nar ball de Bhuidheann Ro-innleachdail Riaghaltas na h-Alba airson Eileanan, agus gum bi cothrom againn coimhead air cùisean a bheir buaidh air eileanan aig ìre ionadail agus nàiseanta.”

 

Faodaidh duine, buidheann no gnothachas sam bith bho na h-eileanan pàirt a ghabhail ann an Ceanglaichean nan Eilean ach chan eil ach àireamh chuibhrichte de dh’àiteachan ann. Gus àite a ghleidheadh theirgibh gu ht tps://w ww.arg yll-bute.gov.uk/forms/islands-connections agus clàraichibh fo 18 Dàmhair 2106.

 Island communities come together for special event

Argyll and Bute’s island communities are coming together for a special event aimed at sharing best practice and to find out how partners and communities are working to address the issues that can affect island life.

 

 

 

Islands Connections - being held on Seil Island on Thursday, 20 October - will discuss the proposed Islands Bill, economic growth, transport and infrastructure, health care, housing and digital connectivity.

 

 

 

Speakers from across the public and community sectors such as the Scottish Government, Highlands and Islands Enterprise and Argyll and the Isles Coast and Countryside Trust will provide insights into current policy and actions.

 

 

 

The council formed the Argyll Islands Taskforce to focus not only the challenges that face islanders but the opportunities and attractions that exist for the area’s 23 inhabited islands – each with its own distinct identity – that share issues that affect those living, working and visiting them.

 

 

 

Chair of the group, Councillor Len Scoullar, said: “The taskforce was formed to ensure that we can build a prosperous and sustainable future for our islands.

 

“Argyll and Bute is one of the country’s most promising areas and our islands play a vital role in delivering economic growth. Our islands deserve to prosper and grow, providing education and employment for our young people, supporting and growing our businesses and communities and benefiting from the communication, transportation infrastructure and services necessary for them to be sustainable.

 

 

 

“This event is an ideal opportunity for those most closely associated with island life to get together with the intention of making a difference. The council is delighted to have been invited to join the Scottish Government’s Strategic Island Group and have the opportunity to address island issues at both a local and national level.”

 

 

 

The Island Connections Event is open to all island residents, groups and businesses - although places are limited. To book a space go to htt ps://w w.argyll- bute.gov.uk/forms/islands-connections and register before 18 October 2016.