Meadhan-baile ùr an Òbain air fhosgladh

Published Date: 

21 Nov 2016 - 11:32

Chruinnich ceudan de dhaoine san Òban ann an Ceàrnag an Stèisein, a chaidh a leasachadh as ùr, gus fosgladh oifigeil meadhan ùr a’ bhaile a chomharrachadh, às dèidh don obair a bhith deiseil airson pròiseact leasachaidh aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a chosg namilleanan de notaichean.

Bha an Comhairliche Ruairidh MacCuthais, Cathraiche Comataidh Sgìreil an Òbain, Latharna is nan Eilean, an làthair gus an ribean a ghearradh agus thuirt e: “Tha a’ Chomhairle air taic luach còrr is £2 mhillean a thoirt don phròiseact seo; tha e a’ sealltainn mar a tha a’ Chomhairle a’ cur diù dha-rìribh sa bhaile agus tha mi air mo dhòigh glan gu bheil an obair deiseil. Bu thoigh leam taing a thoirt do na bùithtean airson an cuid foighidinn fhad ’s a bha an obair ga dèanamh agus mo thaing dhaibh, don choimhearsnachd ionadail agus do Bid4Oban airson a bhith ag obair ann an com-pàirt rinn.

“Rinn sinn tòrr obrach chruaidh gus dèanamh cinnteach gu robh fios aig daoine dè bha tachairt fhad ’s a bha am pròiseact a’ dol air adhart, agus tha mi a’ smaoineachadh gun aontaicheadh a h-uile duine gun d’ fhuair iad fiosrachadh math is soilleir agus gu cunbhalach dìreach mar a dh’iarradh iad.

“Bidh obair mar seo, a nì cruth-atharrachadh air àite, daonnan a’ cur chùisean troimh-a-chèile, ach cha robh dòigh eile ann. Tha mi a’ smaoineachadh gun aontaicheadh a h-uile duine a chì an t-àite an-diugh gum b’ fhiach e an ùine agus an t-airgead a chaidh a chosg.”

Lean e air: “Le taisbeanadh nan cleasan-teine, tha e sgoinneil a bhith faicinn an àite air a chleachdadh mar a bha san amharc leis na leasachaidhean seo – tachartas mòr a tha tarraing tòrr dhaoine, a tha dèanamh airgead don bhaile agus a tha còrdadh glan ris a h-uile duine. Chaidh an tachartas a chur air dòigh gus sealltainn mar a ghabhas feum a dhèanamh den raon ùr againn, agus tha cùisean air obrachadh fìor mhath, agus sin a’ dearbhadh mar a b’ fhiach e an t-airgead a chosg.”

Cha b’ urrainn don Cheann-Phoileasaidh airson Bun-structar, an Comhairliche Ellen Morton, a bhith an làthair, mar sin bha Iar-chathraiche na Comataidh Sgìreil, an Comhairliche Elaine Robasdan, an làthair na h-àite gus facal no dhà a ràdh às a leth: “Bithear a’ dèanamh obair leasachaidh air raointean poblach gus togail is misneachd a thoirt do bhailtean. Bidh daoine air am misneachadh, bidh luchd-tasgaidh air am misneachadh, tha e a’ toirt togail don sgìre is don eaconamaidh agus tha barrachd dòchais aig daoine mun àm ri teachd agus bidh iad a’ cur amasan nas àirde romhpa.

“Tha sin uile air tachairt leis a’ phròiseact seo. Tha gnothachasan ionadail air buannachdan fhaicinn mu thràth bhon sgeama; tha mi air tòrr bheachdan matha a chluinntinn bho dhaoine a thaobh cho snog is cho goireasach ’s a tha an raon poblach ùr seo, air an ruig a h-uile duine agus air a bheil cothrom aig a h-uile duine.”

Thuirt Fiona NicIlleDhuinn, Manaidsear an Lìonra airson Còmhdhail Alba: “Tha e sgoinneil a bhith faicinn toraidhean na h-obrach chruaidh a rinneadh gus meadhan-baile an Òbain ùrachadh.

“Tha sinn air a bhith toilichte a bhith ag obair còmhla ri Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gus meadhan an Òbain a leasachadh, a’ gabhail a-steach leasachaidhean ri taobh a’ phrìomh rathaid an A85 agus timcheall air prìomh ionadan còmhdhail, agus tha sinn an dòchas gum faigh a’ choimhearsnachd agus na gnothachasan buannachdan bhon obair airson iomadh bliadhna.”

Seo an dàrna ìre den obair leasachaidh air raointean poblach an Òbain, às dèidh na h-obrach a rinneadh a-cheana gus Sràid Stafford ùrachadh.

Leis a’ chruth ùr air Ceàrnag an Stèisein tha: raon co-roinnte ann, le àite a ghabhas a chur gu feum ann an diofar dhòighean airson tachartasan bho àm gu àm; cabhsair nas leithne airson coiseachd ri taobh na mara; ionad-fasgaidh bus nas fheàrr do luchd-siubhail; suidheachain dealbhte a dh’aona-ghnothach; planntrais sgeadachaidh; àiteachan airson tagsaidhean agus cruinn sholais shònraichte le stèisean WiFi mar phàirt dhiubh.

Air Sràid Sheòrais agus Ceàrn Pàirc na Banrigh chithear raointean suidhe leasaichte, le planntraisean agus cruinn sholais shònraichte; cabhsair leasaichte ri taobh na mara; rèilichean air an ùrachadh agus solais ùra air a’ bhalla-mhara.

Thòisich an obair tràth san Fhaoilleach, agus bhathar an dùil gum biodh e deiseil san Iuchar, le cuid a phàirtean den obair a’ toirt nas fhaide. Am measg nan leasachaidhean mòra a chaidh a dhèanamh bha:

  1. suidheachain a bharrachd ri taobh a’ bhalla ìosail ri taobh Bùth an Uisge-bheatha air Sràid Stafford agus cabhsair thairis air an àite far an robh planntrais air a’ bharraid uarach, bha e a’ fàs nas duilghe coimhead às a dhèidh
  2. oirean ìosal a’ chabhsair air an leudachadh agus air an dèanamh nas leithne far a bheil na h-àiteachan-parcaidh airson daoine ciorramach
  3. cabhsair air a leudachadh a-steach gu Sràid Earra-Ghàidheal
  4. cruinn sholais air an neartachadh ri taobh a’ bhalla-mhara
  5. Bùird-fhiosrachaidh le Fiosrachadh Beò (FB) anns na còig ionadan-fasgaidh bus airson Ceàrnag an Stèisein
  6. Bun-stèidh agus bun-structar airson Bòrd FB mòr a thèid a thogail ann an Ceàrnag an Stèisein a bheir fiosrachadh beò seachad air seirbheisean trèana, aiseig agus bus
  7. trì ionadan-fasgaidh bus a bharrachd do Cheàrnag an Stèisein

NOTAICHEAN

Chaidh an sgeama a dhealbh le Capita agus a thogail le Land Engineering.

Thug Còmhdhail Alba £300,000 seachad mu choinneamh chosgaisean a’ phròiseict.