Riochdairean bhon Chomhairle an làthair aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba

exclamation icon
This page contains archived news material that may no longer be accurate. Please bear this in mind when referring to this page or using any information on it to access council services. Read our current news.

Published Date: 

1 Dec 2016 - 16:31

Bha riochdairean bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an làthair aig Duaisean Gàidhlig na h-Alba am-bliadhna leis gun robh an dà chuid an Cruinneachadh Gàidhlig aig a’ Chomhairle agus an t-Oifigear Gàidhlig aca air na geàrr-liostaichean airson dhuaisean.

Ged nach do ghlèidh iad duais, rinn iad fìor mhath ann a bhith faighinn gu ìre nan geàrr-liostaichean airson nan duaisean iomraiteach seo. Tha na duaisean air an cur air dòigh leis a’ Daily Record agus Bòrd na Gàidhlig, agus tha iad a’ toirt aithne do gach taobh de chultar, foghlam agus cànan na Gàidhlig, agus iad a’ dèanamh follaiseach an t-sàr obair a thathar a’ dèanamh gus cor is dualchas a’ chànain a chumail suas

Chaidh Cruinneachadh Gàidhlig Earra-Ghàidheal is Bhòid ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson na Duaise airson Tachartas, agus bha Rianaiche Ionad Gàidhlig na Comhairle, Donnchadh MacNèill bhon Ionad Furan san Òban, air a’ gheàrr-liosta airson na Duaise Coimhearsnachd, Dualchais is Turasachd.

Thuirt Ceann-Poileasaidh na Comhairle airson Choimhearsnachdan is Cultair, an Comhairliche Robin MacMhuirich: “Tha mi gu math uasal às mar a bha neach-obrach agus tachartas aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air am moladh airson nan geàrr-liostaichean airson dà dhuais.

“Tha e a’ sealltainn mar a tha sinne mar ùghdarras ionadail a’ toirt taic don Ghàidhlig agus deònach iomairtean innleachdach a thoirt air adhart. Shoirbhich gu mòr leis a’ chiad Chruinneachadh Ghàidhlig againn na bu thràithe air a’ bhliadhna seo, far an robh còrr is 70 duine an làthair bho dhiofar bhuidhnean. Bha e na chloich-mhìle chudromaich don Ghàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus thug e cothrom do bhuidhnean tighinn còmhla gus planaichean a dhealbh airson an cànan a thoirt air adhart san àm ri thighinn.

“Meal-a-naidheachd air Donnchadh MacNèill cuideachd bhon Fhuran, a chaidh a mholadh airson geàrr-liosta. Bidh Donnchadh a’ dèanamh tòrr mòr obrach gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus gus an cànan a chumail beò. Bu chòir dha a bhith gu math uasal às fhèin agus às na tha e air a dhèanamh gu ruige seo.

“Tha e na adhbhar tlachd dha-rìribh a bhith faighinn aithne airson ar n-obrach chruaidh aig na duaisean iomraiteach seo.”