Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ faighneachd – dè as cudromaiche dhut?

Published Date: 

1 Dec 2016 - 16:34

Le dùil ann gun tig lùghdachadh nach beag a-rithist air a’ mhaoineachadh a gheibh a’ Chomhairle bho Riaghaltas na h-Alba ann an 2017/18, tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ faighneachd do mhuinntir na sgìre, dè as cudromaiche dhaibh a thaobh na h-obrach a bhios a’ Chomhairle a’ dèanamh.

Tha Ceannard na Comhairle, an Comhairliche Dick Walsh a’ mìneachadh:

“Cumaidh sinn oirnn a’ lìbhrigeadh sheirbheisean air a bheil feum aig daoine an-dràsta fhèin agus cumaidh sinn oirnn ag obair gus buannachdan a ghleidheadh do dh’Earra-Ghàidheal is Bòd san ùine fhada.

“Gu follaiseach, bidh nas urrainn dhuinn a dhèanamh an crochadh air a’ mhaoineachadh a gheibh sinn. Mar a thig lùghdachadh air a’ mhaoineachadh sin, ’s ann a bhios barrachd feum againn air atharraichean a thoirt a-steach.

“Tha a h-uile rud a nì sinn cudromach. ’S e a chòrdadh rinn a h-uile rud a tha ar coimhearsnachdan a’ sùileachadh bhuainn a dhèanamh, ach leis mar a tha maoineachadh a’ sìor dhol an lughad, chan urrainn dhuinn. Tha sin a’ ciallachadh gum feum sinn beachdachadh air dè as cudromaiche do dhaoine agus don sgìre.

“Tha còrr is ochdad às a’ cheud de mhaoineachadh na Comhairle airson seirbheisean ionadail a’ tighinn bho Riaghaltas na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gum bi iad a’ toirt lùghdachadh nach beag air maoineachadh nan comhairlean.

“Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air dearbhadh sna 10 bliadhna a dh’fhalbh gun urrainn dhuinn deagh rian a chumail air ar cuid ionmhais agus gun urrainn dhuinn èifeachdas a chur an sàs gus dèiligeadh ri gearraidhean ionmhasail. Tha sinn air milleanan de notaichean a chùmhnadh o chionn beagan bhliadhnaichean. Tha sinn mu thràth, ri linn cho-dhùnaidhean a rinneadh an-uiridh, gu bhith sàbhaladh £2.5m ann an 2017/18. Tha sinn cuideachd air £1.4m eile a chomharrachadh a ghabhas a chùmhnadh tro èifeachdas ann an 2017/18 gun a bhith toirt droch bhuaidh air coimhearsnachdan.

“Tha sinn an dùil gum faigh sinn dearbhadh air ar maoineachadh san Dùbhlachd. Feumaidh sinn ar buidseat aontachadh sa Ghearran.

“Mar sin, fhad ’s a tha sinn a’ feitheamh ri fios air ar maoineachadh, bu thoigh leinn beachdan dhaoine a chluinntinn, gus ar cuideachadh le bhith dèanamh cinnteach gun cùm a’ Chomhairle oirre a’ dèanamh na h-obrach as cudromaiche do mhuinntir na sgìre chun na h-ìre ’s a cheadaicheas am maoineachadh a gheibh sinn.”

Thòisich a’ Chomhairle an co-chomhairleachadh an-diugh, 28 Samhain, agus iad a’ sireadh bheachdan air dè an obair agus na seirbheisean as cudromaiche aig a’ Chomhairle, dè na dòighean san gabh airgead a shàbhaladh agus air mar as urrainn don Chomhairle is coimhearsnachdan obrachadh còmhla.

Lean an Comhairle Walsh air:

“’S e àm glè, glè dhoirbh a tha seo do chomhairlean agus do ar coimhearsnachdan cuideachd. Bhrosnaichinn a h-uile duine gu bhith cur seachad beagan mhionaidean gus pàirt a ghabhail sa cho-chomhairleachadh, agus cuidichidh sin sinn le bhith dèanamh an fheum as fheàrr as urrainn den mhaoineachadh a gheibh sinn.”

Gheibhear fios mun cho-chomhairleachadh air-loidhne aig www.argyll-bute.gov.uk/planningourfuture. Gheibhear lethbhric phàipeir ann an leabharlannan is ionadan-seirbheis bhon t-seachdain a’ tòiseachadh 12 Dùbhlachd no le bhith fònadh gu 01546 604171. Crìochnaichidh e air 9 Faoilleach 2017.