Published Date:
Tha Earra-Ghàidheal is Bòd a’ dol a chur fàilte mhòr air fògarraich a tha teicheadh bhon chogadh ann an Siria.
Chaidh fhoillseachadh an-diugh le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun deigheadh taighean is taic a thabhann do co-dhiù 20 fògarrach, agus gum faodadh gun toireadh iad taic do bharrachd na sin san àm ri teachd.
Thuirt Ceannard na Comhairle, an Comhairliche Dick Walsh: “Tha e mar dhleastanas mhoralta oirnn an cuideachadh. Chan urrainn dhuinn seasamh air ais gun dad a dhèanamh fhad ’s a tha na daoine bochda seo a’ feuchainn ri teicheadh bho dhùthchannan a tha air an sgrios ri linn chogaidhean, agus iad a’ cur am beatha fhèin is beatha nan teaghlaichean aca ann an cunnart gus faighinn air falbh.
“Mas urrainn dhuinn fiù ’s 20 duine a chuideachadh, sin 20 duine a gheibh cothrom air beatha nas fheàrr.”
Lean an Comhairliche Walsh air: “Bidh sinn ag obair còmhla ri ar Luchd com-pàirt airson Planadh Coimhearsnachd gus bruidhinn air dè an dòigh as fheàrr an cuideachadh agus dèanamh cinnteach gun tèid an dèanamh mar phàirt de na coimhearsnachdan againn.
“Chan eil dòchas is misneachd – a’ gluasad air adhart còmhla – againn dìreach mar chuspair no tiotal. Ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, sin dìreach mar a tha sinn a’ smaoineachadh agus ’s e sin a bhios sinn a’ dèanamh.”
Refugees fleeing the Syrian war zone are to be welcomed into Argyll and Bute with open arms.
In an announcement made today by Argyll and Bute Council, at least 20 refugees will be offered housing and support in the area, with the possibility of more in the future.
Council Leader, Councillor Dick Walsh, said: “We have a moral duty to help. We cannot sit back and do nothing while these poor people try desperately to escape war torn countries, risking their lives and their family’s lives in the process.
“If we can help just 20 people, then that’s 20 people who will have the opportunity of a better life.”
Councillor Walsh continued, “We will be working alongside our Community Planning Partners to discuss the best way to support them and to integrate them into our communities.
"The spirit of positivity – of moving forward together – is much, much more than a title or a theme. Here in Argyll and Bute it is, quite simply, how we think and what we do."