A chomhairle a’ cuir £1.345 millean an sàs ann a bhith a’ leudachadh seirbheisean ro-sgoile.

Published Date: 

28 Mar 2014 - 14:36

Tha teaghlaichean ann an Earra-ghàidheal is Bhòid gu bhith a’ faighinn buannachd bhon an àrdachadh anns na h-uairean seirbheis ro-sgoile a th’air a thabhann leis a chomhairle. Bhon an Lùnasdal 2014, thig an àireamh suas bho 475 uairean gu 600 uairean gach bliadhna, a’ gabhail a-steach clann a tha a dhà agus trì bliadhna a dh’aois.

Tha Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid a’ cuir £1.345 millean an sàs ann an 2014/15 gus an leudachadh anns an t-seirbheis seo a thabhann.

Tha an leudachadh air an t-sùbailteachd seo agus barrachd roghainn do phàrantan a’ tighinn as dèidh co-chomhairleachadh farsaing le teaghlaichean, solaraichean cùram agus luchd-obrach na comhairle a tha a’ tabhann an t-seirbheis.

Bidh na seirbheisean tràth ionnsachadh agus cùram-chloinne, a tha an asgaidh, air an leudachadh nas fharsainge, a’ gabhail a-steach clann a tha dà bhliadhna a dh’aois a tha, neo a th’air a bhith fo chùram na comhairle agus dachaighean far nach eil duine ag obair.

Bhon an t-Sultain 2015, bidh an t-seirbheis ro-sgoile, a tha an asgaidh, air an leudachadh buileach, a’ gabhail a-steach clann a tha dà bhliadhna a dh’aois agus a tha ceadaichte biadh-sgoile fhaighinn an asgaidh.

Thuirt an Comhairlaiche Mary Jean Devon, Ceannard Poileasaidh airson Clann is Teaghlaichean aig Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid: “Tha sinn a’ strì airson a h-uile pàisde ann an Earra-ghàidheal is Bhòid, gus an toiseach-tòiseachaidh is fheàrr a thoirt dhaibh na’m beatha, a cheadaicheas am pàrantan agus teaghlaichean seirbheis ro-sgoile agus tràth ionnsachadh cho soirbheachail ‘s a ghabhas a thoirt dhaibh. Tha sinn air èisdeachd le na tha na pàrantan ag iarraidh agus tha sinn mothachail air beachdan luchd-tabhann nan seirbheisean.

“Tha co-chomhairleachadh air dearbhadh gu bheil na buannachdan do phàrantan aig a bheil dòigh-beatha thrang, glè fhoilleasach; tron teirm-foghlaim, bidh cùram-chloinne agus an t-seirbheis ro-sgoile, a tha an asgaidh, air an leudachadh bho dusan uair gu leth gu barrachd air còig uairean deug gach seachdainn – le gach seasan air a leudachadh gu ceathrad mionaid.

“Tha buannachdan nas fharsaing ann ge-ta, le leudachadh anns na seirbheisean seo, tha cothrom ann gun tig an àireamh de dh’obraichean suas, an dà chuid anns an roinn phhrìobhaideach agus aig a chomhairle airson dèiligeadh leis an t-sùbailteachd seo.”

Tha a chomhairle a’ deànamh atharraichean a-rèir Bile na Cloinne is Daoine Òga a chaidh fhoillseachadh ann a Ghiblein 2013, a tha a’ strì ri piseach a thoirt air mar a tha seirbheisean a’ toirt taic do chlann, daoine òga agus teaghlaichean.