Published Date:
Bidh cothrom aig muinntir Earra-Ghàidheal is Bhòid buaidh a thoirt air Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2012 – 2017 tro shreath de choinneamhan a tha Bòrd na Gàidhlig a’ cumail air a’ mhìos seo.
Ghabh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ri Plana Gàidhlig ann an 2008 agus bidh buaidh aig Plana Nàiseanta na Gàidhlig air an ath Phlana don Ghàidhlig aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Thuirt an neach-labhairt airson chùisean dùthchail is eileanach, agus taigheadas, an Comhairliche Robin MacMhuirich: “Chomhairlichinn do dhuine sam bith aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig a dhol chun na coinneimh san sgìre aca fhèin. A bharrachd air a bhith a’ cur ri dreach a’ phlana nàiseanta, bidh cothrom aig daoine beachdachadh air a’ phlana airson Earra-Ghàidheal is Bhòid. Bidh cothrom aca cuideachd innse mu na nithean a tha iad a’ smaoineachadh bu chòir a bhith san ath phlana Ghàidhlig ionadail.”
Thèid na coinneamhan a chumail ann an:
Talla Àrois, Muile – Diluain 10 Dàmhair
An Talla, Tiriodh – Dimàirt 11 Dàmhair
Talla a’ Chorrain, An t-Òban – Diciadain 12 Dàmhair
Ionad Chaluim Chille Ìle, Ìle – Diardaoin 13 Dàmhair
Bho Dimàirt 4 Dàmhair 2011 ’s urrainn dhuibh dreach a luchdachadh a-nuas bho www.gaidhlig.org.uk, agus gheibhear an dreach den phlana ann an clò cuideachd bho oifisean Bòrd na Gàidhlig.