Buidhnean Còmhraidh Gàidhlig

Published Date: 

10 Dec 2013 - 16:14

Cuin:          Diardaoin (7f – 8.45f)

Disathairne (11m – 12.45f)

 

Càite:         Furan

Ionad Gàidhlig an Òbain

Tallaichean Chorrain

An t-Òban, PA34 4AB

 

A bheil thu airson piseach a thoirt air na sgilean còmhraidh agad as a Ghàidhlig? A bheil thu airson tòiseachadh air Gàidhlig a bhruidhinn as ùr? Ma tha, tha buidheann ùr a’ tòiseachadh anns An Òban a bhios air leth freagarrach dhut.       

Gheibh thu an cothrom còmhradh air diofar chuspairean tro mheadhan na Gàidhlig ann an suidheachadh neo-fhoirmeil – naidheachdan an latha, prògraman rèidio is tbh, cur-seachadan, tachartasan, abairtean is seanfhaclan feumail – rud sam bith!

Bidh gach seasan air a stiùireadh le neach fileanta airson do chumail ceart a thaobh fuaimneachadh, gràmar is litreachadh.

Siuthad! Feuch e! Chì mi ann thu!

 

See also:  http://www.argyll-bute.gov.uk/content/council-encourages-gaelic-learners-chat