Bookbug Gàidhlig

Published Date: 

3 Jan 2014 - 10:55

Tha Comhairle Earra-ghàidheal agus Bhòid a’ cuir air bhog a chiad sreath riamh de sheiseanan Bookbug Gàidhlig ann an Còmhghall ann an Leabhar-lann Dhùn Omhainn air Diluain 6mh den Fhaoilleach aig 2.30f.

Tha gach seisean Bookbug an asgaidh agus tha iad ag amas gum faigh leanabhain, caodachain agus clann ann an sgoiltean-àraich an cothrom eòlas a chuir air sgeulachdan, òrain is duain ann an àruinneachd shocair.

Thuirt Comhairliche Earra-ghàidheal agus Bhòid, Robin Currie, a tha os cionn Poileasaidh Coimhearsnachd is Cultar: “Tha a chomhairle a’ dol an sàs ann an seo as dèidh iomadh iarrtas bho phàrantan aig a bheil clann a tha a’ frithealadh Buidheann Pàrant is Pàisde A’ Chòmhghaill, gum biodh barrachd tachartasan Gàidhlig anns an sgìre airson a chlann. Tha seiseanan Bookbug Gàidhlig is Beurla a’ dol air feadh Earra Ghàidheal agus Bhòid, ach seo a chiad seisean Gàidhlig ann an sgìre A’ Chòmhghaill.

Bhon a stèidhicheadh Furan, an Ionad Gàidhlig againn anns An Òban, tha e comasach dhuinn iarrtasan mar seo a chuir an cèill. Tha an obair-leasachaidh anns am bidh Furan an sàs gu bhith a’ sgaoileadh air feadh na sgìre agus tha sinn an dòchas gur e seo direach a chiad turas a bhios an cothrom againn Gàidhlig a bhrosnachadh a-measg teaghlaichean anns na coimhearsnachdan gu leìr.

‘S e prògram tràth bhliadhnaichean aig Urras Leabhraichean na h-Alba a th’ann am Bookbug , a’ brosnachadh phàrantan agus clann gu bhith a` leughadh còmhla bho latha breith. Tha am program a’ toirt seachad pacannan leabhraichean an asgaidh do gach pàisde ann an Alba. Tha e cuidechd a’ cuir air bhonn tachartasan spòrsail, saor an-asgaidh mar Bookbug. Gheibh gach pàrantan a thig chun an tachartas ann an Dùn Omhainn paca leanabh agus caodachan airson an tort dhachaigh.

As dèidh dha fois fhaighinn thairis air àm na Nollaig, thathar an dùil gum bidh Bookbug fheìn an làthair airson coinneachadh ri clann, pàrantan agus luchd-cleachdaidh an leabhar-lann. Gheibh gach neach an cothrom dealbh fhaighinn air a tharruing còmhla ri Bookbug. Tha gach seisean a’ maireachdainn timcheall air 40 mionaid.

As dèidh seisean Dhùn Omhainn a bhith air a chuir air bhog, bidh a bhuidheann a’ coinneachadh gach Diluain anns an leabhar-lann aig 2.30f. ‘S e dithis phàrant bhon an sgìre a bhios os cionn na seiseanan: Donna Young (Oifigear Phàrantan aig Comann nam Pàrant) agus Elaine Cossar (Stiùiriche-cluiche Buidheann Pàrant is Pàisde A’ Chòmhghaill agus a Chroileagan aig Bun-sgoil Thaigh a Chladaich).